Cuir ri Wikipedia Gàidhlig
Dè bhios sibh a' dèanamh leis na h-aistean a sgrìobh sibh airson na cùrsaichean, leis an obair-taighe a rinn sibh? Am bi sibh dìreach gan cur às ur chuimhne is anns a’ bhocsa-sgudail? Thèid am fiosrachadh air fad air chall a-rithist...
Sguir dheth! Na dèanaibh seo a-chaoidh tuilleadh!
Cuir an rannsachadh a rinn sibh gu feum agus cuir na h-aistean ri Wikipedia Gàidhlig!
Ma chuireas sibh aistean ann an Wikipedia Gàidhlig, bidh ceanglaichean ann gu Wikipedias eile ann an iomadach cànain. Mar sin bidh sin a’ sealltainn air feadh an t-saoghail gu bheil Gàidhlig beò.
Mar eisimpleir: Thuirt cuidegin gun robh e a' lorg rudeigin ann an Wikipedia Beurla. Chunnaic e an ceangal gu Gàidhlig agus chaidh e ann gun dòchas gu bheil mòran susbaint ann. Ach chunnaic e ann an Wikipedia Gàidhlig dìreach an rud a bha e lorg. Chaidh an aiste seo a chruthachadh le oileanach eile.
Tha Wikipedia Gàidhlig fada nas fosgailte do chuspairean sam bith a tha ceangailte leis a' chànain neo le Alba na Wikipedia eile. (Ach 's urrainnear sgrìobhadh mu chuspair sam bith - 's e deagh cothrom a th' ann sealltainn gum b’ uarrainnear cànan traidiseanta a chleachdadh airson cuspairean ùra. )
A-nise, dè th' ann an Wikipedia Gàidhlig?
Ann an Wikipedia Gàidhlig, bidh iomadach duine ag obair ri chèile airson leabhar mòr-eòlais a sgrìobhadh làn fhiosrachaidh a' gabhail a-staigh cuspairean air poileataics, saidheans, eachdraidh, ceòl, creideamh, cultar, is spòrs.
Dè mu dheidheinn an dachaigh agad? Nach eil barrachd fiosrachaidh agaibh na am pìos beag seo air Leòdhas?
Dh’ fhàs an aiste "An t-Eilean Sgitheanach" bhon phìos bheag seo gu aiste fada nas fhaide air sgàth’ s gun robh mòran daoine eadar-dhealaichte a chur ris.
Ciamar a nì mi seo?
Faodaidh duine sam bith duilleagan Wikipedia a dheasachadh. Cha leag sibh leas ach briogadh air an dòrnais deasaich aig bàrr gach duilleig. Chan fheum sibh rud sam bith àraidh, eadhan a bhith air ur cur a-steach. Ma mhothaicheas sibh seachran — mì-litreachadh, mar eisimpleir, no abairt nach eil soilleir — dìreach briogaibh air deasaich agus càraichibh e! Ma tha sibh ag iarraidh leasachadh no fiosrachadh ùr a chur ri aiste, dèanaibh e. Bhiodh e fhìor mhath, nam biodh tùsan agaibh, gu h-àraid ann an Gàidhlig.
Na leigibh cus dragh oirbh gun dèan sibh mearachdan; is dòcha gun càraich cuideigin eile as ur dèidh e. A-bharrachd air a-sin, tha a h-uile dreach aig gach duilleig taisgte anns an stòr-dàta; mar sin, is urrainn dhuinn seann lethbhreac a dh'aiseag ma dh'fheumas sinn agus cuideachd, faodaidh a h-uile deasachadh a bhith air a lorg. Faodaidh sibh aiste a thòiseachadh as ùr cuideachd, cuiribh an tiotal ùr ann an "lorg" (air ur làimh chlì), buail air "Go" agus an uair sin air a' cheangal dearg.
Ma tha rudeigin ann nach tuig sibh — ge b' e teicneòlach no soisealta — agus mur eil sibh cinnteach far am feum sibh lorg, dìreach cuir a' cheist aig Doras na Coimhearsnachd (air ur làimh chlì) agus bidh cuideigin toilichte ur cuideachadh.
Barrachd fiosrachaidh:
- Fàilte, a dhaoine ùra, le fiosrachaidh bunaiteach.
- Aistean a dh'fheumas a h-uile wikipedia, mura bi fios agaibh càite an tòisich thu.
- Àite-cluiche airson feuchainn (Test-page).
Nise, faigh beagan spòrs!
Tha am pàirt den duilleag seo a' tarraing à Wikipedia




