Am Blog Oiseanach

08/3-09 at 23.04 le Aonghas MacLeòid
A' Chèilidh Mhòr 2009
<< Air Ais gu Clàr

 

Chaidh a' chiad Chèilidh aig a' Chomunn airson beagan bliadhnaichean a chuir air dhòigh air an 22mh den Faoilleach ann an seomar deasbad an GUU. Còmhla ris an Sgioba Iomain bha an Comunn air na Barn Boys fhastadh airson an dannsa. Thàinig thairis air chiad daoine dhan chèilidh agus bha an seomar deasbad làn de dh' oileanaich, luchd-teagaisg, buill a' Chomuinn, cluicheadaran iomain agus càirdean eile. Bha na nigheanan eireachdail anns na dreasaichean spadail aca agus na fir ghasda sna feillean aca.

Bha an comhlan air leth math, ged a bha an sluagh car an-fhoiseal fad's a bha iad a' feuchainn ri bhith faighinn biorain-druma. Ach nuair a thoisich iad bha a h-uile duine deiseal airson dannsadh- agus rinn iad direach sin. Cha robh an ùrlar sàmhach ùr sam bith tron oidhche gus an do bhreab na bouncers a-mach sinn as deidh a h-aon. 'S docha gun chì sinn iad air ais san GUU uaireagan eile- co aig tha fios?

As deidh làimh chaidh grunnan buill air ais gu taigh Iain Moir, far a' chruthaich sinn uile dàimh nas treasa agus nas soirbheachail eadar Iain is a nàbaidh agus far a' chluich sinn ball-coise nan bord airson uair neo tri.

 


^ Bàrr