Am Blog Oiseanach
A dh'aindeon an dìth luchd-ionnsachaidh bha oidhche a-mach sgoinneal eile aig a' Chomuinn.
Choinnich buidhinn dhuinn ann an Cafe Sith air Sràid Dumbarton airson còmhradh agus cofaidh is an uair sin chaidh sinn uile dhan Phairc Bar airson deoch neo trì far an do choinnich sinn ri barrachd buill. Chaidh sinn bhon Trionaid dhan Aonadh (GUU) far an robh an dannsa Muile is Ì Choluim Chille a' dol san talla-dhìnnear. Ged nach robh torr Muilich neo Manaich nar measg rinn sinn dannsa ri ceol Gunna Sound is fhuair sinn a-staigh gu saor. As dèidh làimh choinnich sinn ann an O' Neills far an robh oidhche spòrsail againn, mar as àbhaist.




