Am Blog Oiseanach

19/4-10 at 17.09 le Ciorstaidh NicLeòid
Èirinn Ran Dan – Baile Atha Cliath 2010
<< Air Ais gu Clàr

 

Aig 4.45 anns a’ mhadainn air an 26mh den Mhàirt 2010 chaidh 16 oileanach air turas gu Baile Atha Cliath.

Dihaoine:

Fhuair sinn a’ phlèana bho phort-adhair Prestwick gu Baile Atha Cliath. Nuair a ràinig sinn bha an t-acras oirnn agus chaidh sinn uile airson beagan bhracaist. Chaidh sinn air bus luch-turais aig choinnich sinn ri oileanaich bho Oilthigh Baila Atha Cliath (Dublin City University). Fhuair sinn òraid air leth inntinneach an sin air mar a tha iad a’ riuth cùrsaichean tro mheadhan na Gaeilge. Fhuair sinn òraid eile aig Conradh na Gaeilge, buidheann a tha car coltach ri Comunn na Gàidhlig. Air an oidhche thìll sinn dhan togalach aig Conradh na Gaeilge gu Club Chonradh na Gaeilge. Bha a mhor chuid dhuinn eòlach air an àite bhon òran ‘Tá mé baraiste as an gclub a Mhamaidh.’ ‘S e oidhche Breton a bh’ann agus bha mòran Fraingich san àite cuideachd.

 

 

 

 

 

Disathairne:

Bha leasan againn uile aig Oilthigh na Trianaid. Mar phàirt den taic a fhuair sinn bho Colmcille chuir iad leasan Gaeilige air doigh air ar son-sa. Thàinig buidheann de dh’oileanaich bho Oilthigh na Trianaid dhan leasan agus thug iad taic dhuinn san leasan agus turas mun cuairt às dèidh làimh dhan Leabhar an Cheanannais. San fheasgar chaidh feadhainn dhuinn air cuairt gu Pàirc an Chrocaigh agus chaidh feadhainn eile mun cuairt na buithtean. Chaidh sinn uile a-mach airson dìnnear còmhla agus oidhche a-mach sa bhaile.

 

 

Didomhnaich:

Latha mu dheireadh againn agus bha beachdan eadar-dhealaichte againn uile air de bha sinn airson a dhèanamh. Chaidh buidheann dhan Guinness Storehouse agus feadhainn eil gu Prìosan Chill Mhaighneann. San fheasgar chaidh a mhor chuid dhuinn gu Pàirc Parnell airson geama iomain fhaicinn eadar Corcaigh agus Atha Cliath. ‘S e geama air leth a bh’ann agus aig a cheann thall bhuainnaich Corcaigh.`

Taing:

Airson an turais seo, fhuair sinn taic-airgid bho Cholmcille agus cuideachd Roinn na Ceiltis agus na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhaibh airson an taic a tha seo.


^ Bàrr