Am Blog Oiseanach
19/4-10 at 16.05 le Ciorstaidh NicLeòid
A’ Chèilidh Mhòr 2010
<< Air Ais gu Clàr
Às dèidh na Cèilidh a bh' again an-uiridh, bha sinn den bheachd gum biodh Cèilidh Mhòr a dhìth am-bliadhna cuideachd. A-rithist am-bliadhna chuir sinn a’ chèilidh air doigh còmhla ri Sgioba Iomain Oilthigh Ghlaschu. Bha talla nan deasbad loma-làn air Diardaoin an 4mh den Ghearran airson oidhche làn spòirs is dannsa. Cuideachd, nochd buidheann de dh'Èirinnich a bha a' tadhail oirnn à Oilthigh Baile Atha Cliath (Dublin City University). Tàing mhòr dhan a h-uile duine a nochd, a chuidich agus tàing mhòr dhan a’ chòmhlan.






