Am Blog Oiseanach

19/1-10 at 23.05 le Aonghas MacLeòid
Turas gu Phàrlamaid na h-Alba
<< Air Ais gu Clàr

Sgioba Oiseanach aig a' Pharlamaid

Air an 18mh den t-Samhain chaidh buill a' chomuinn air turas dhan a' Phàrlamaid ann an Dùn Eideann.  Chòrd an turas ris a h-uile daoine a chaidh ann agus tha sinn an dochas turas mar seo a chur air anns na bliadhnaidhean ri teachd. Bu mhath leinn taing mhòr a ràdh ri Alasdair Allan BPA, an dotair Alasdair MacCaluim agus Alan Mac a' Mhaighstir airson turas air leth a bha inntinneach agus làn fiosrachaidh.

Choinnich am buidheann ri BPA airson nan Eileanan Siar Alasdair Allan, a b' abhaist a bhith anns an Comunn Oiseanach nuair a bha e 'na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Thug Mgr Allan am buidheann mu cuairt a' Pharlamaid agus sheall e dhaibh an seomar deasbad, an oifis aige fhèin agus mòran de na h-àitichean inntinneach eile. As deidh sin choinnich iad ri Oifigear na Gàidhlig sa Pharlamaid, Alasdair MacCaluim. Fhuair iad a-mach barrachd mun a' Pharlamaid agus  àite a th' aig a' Ghàidhlig sa Pharlamaid san latha an-duigh agus. Ma bhios duine agaibh a sgriobhadh chun Pharlamaid, mu rud sam bith, faodaidh sibh Gaidhlig a chleachdadh.


^ Bàrr